musicas.mus.br
Letras de músicas - letra de música - letra da música - letras e cifras - letras traduzidas - letra traduzida - lyrics - paroles - lyric - canciones - MO DHòMHNULLAN FHèIN - FLORA MACNEIL - música e letra
Utilize o abecedário abaixo para abrir as páginas de letras dos artistas
Mo Dhòmhnullan Fhèin letra
Nuair chruinncheas an òigridh
Gu mire 's gu sòlas
Bidh mise nam ònar
An seòmar gun ghleus
A' cuimhneachadh còmhradh
A fhleasgaich a leòn mi
's an gaol thug mi òg
Do mo dhòmhnullan fhèin
Bidh m'athair 's mo mhàthair
Ri gearain 's ri cràmhan
A cantainn nach fheàrr mi
Na pàisde gun chèill
Mo ghaol thoirt a dh'òigfhear
Bhios daonnan a seòladh
'sa sgaoileas a stòras
Gun ghò ris gach tè
Nuair thachradh an còmhlan
's a'chlachan didòmhnaich
Nam measg cha robh òigfhear
Cho còmhnard na cheum
Cho beusail 'na chòmhradh
Cho fearail na dhòighean
Bhiodh sùil aig gach òigh
Air mo dhòmhnullan fhèin
Tha dualagan bòidheach
Dhe d' chuailean 'nam phòca
Do dhealbh air a còmhdach
Le òr ann an cèis
Do shùilean cho beò leam
Do ghruaidh mar na ròsan
Ag ùrachadh dhòmhsa
Mo dhòmhnullan fhèin
Tha bliadhn' agus còrr
Bho na thriall e 'o eòlas
's tha iomhaigh cho beò leam
's ged sheòladh e 'n dè
Cha ghèill mi do dh'òigfhear
's cha chèill mi na bòidean
Na gaol a thug mi òg
Do mo dhòmhnullan fhèin
Flora MacNeil - Letras
- A Bhradag Dhubh
- A Mhairead Og
- A' Bhean Iadach
- Alasdair Oig 'Ic 'Ic Neacail
- An Fhideag Airgid
- Bheir Mi Sgriob do Thobar Mhoire
- Cha B'e Direadh A' Bhruthaich
- Chan E Caoidh Mhic Shiridh
- Craobh Nan Ubhal
- Faca Sibh Raghnall Na Ailein?
- Fhir An Leadain Thlàth
- Gaol Ise Gaol I
- Gur Muladach Sgith Mi
- Mile Marbh-phaig Air A' Ghaol
- Mo Bhean Chomain
- Mo Dhòmhnullan Fhèin
- Mo Run Geal Og
- Nach Gòrach Mi Gad Chaoineadh
- Nighean Donn Nan Gobhar
- Nuair A Ràinig Mi'm Baile
- Seathan Mac Rìgh Eireann
- Seinn O Ho Ro Seinn
- Siuthadaibh A Mhnathan
- Thig Tri Nithean Gun Iarraidh
- Toiseach Na Tràghad
top 30 músicas
©2003 - 2024 - musicas.mus.br