musicas.mus.br

Letras de músicas - letra de música - letra da música - letras e cifras - letras traduzidas - letra traduzida - lyrics - paroles - lyric - canciones - NACH GòRACH MI GAD CHAOINEADH - FLORA MACNEIL - música e letra

Utilize o abecedário abaixo para abrir as páginas de letras dos artistas

A B C D E F G H I J K L M N O P Q R S T U V W X Y Z

Nach Gòrach Mi Gad Chaoineadh letra


Nach gòrach mi gad' chaoineadh
'S nach caoineadh tu mi
Ro ghòrach thug mi gaol dhuit
'Gu faod thu bhith ga'm dhìth
Ma thug fear eile bhuam thu
Gur truagh a bhios mi
O b'fheàrr a bhith 's an uaigh na
Thu luaidh a bhith 'gam dhìth

Ged gheibhinn s' an Roinn Eòrpa
'S na bheil do stòras innt'
Ged gheibhinn sud air òrdugh
'S àite còmhnaidh innt
Ged gheibhte na mo Dhiùc mi
'S ged chrùinte mi nam Righ
B'fheàrr leam bhith riut pòsda
Nam pòsadh tu mi

Gur i mo ghaol-sa mhaighdeann
Is grinn gun teid an gùn
'S i mo ghràdh-sa mhaighdeann
Gu faighnichinn thu
Gu faighnichinn roimh 'n or thu
Aig bòidhchead do shùil
Is an gaol a thug mi òg dhuit
An diugh toirt deòir 'om shùil

Comhairl' thoirt air òigfhear
'S cha ghòraiche i
Gun ghaol a thoirt do dh' òg-bean
Cho bòidheach 's gum bi i
Ged labhras i gu ciùin riut
Cùm dùinte do chrìdh'
'S feuch mun toir thu rùn dhi
Gu lùb thu leat i

Nach gòrach mi gad' chaoineadh
'S nach caoineadh tu mi
Ro ghòrach thug mi gaol dhuit
'Gu faod thu bhith ga'm dhìth
Ma thug fear eile bhuam thu
Gur truagh a bhios mi
O b'fheàrr a bhith 's an uaigh na
Thu luaidh a bhith 'gam dhìth

Flora MacNeil - Letras

top 30 músicas

©2003 - 2024 - musicas.mus.br