musicas.mus.br

Letras de músicas - letra de música - letra da música - letras e cifras - letras traduzidas - letra traduzida - lyrics - paroles - lyric - canciones - THIG TRI NITHEAN GUN IARRAIDH - FLORA MACNEIL - música e letra

Utilize o abecedário abaixo para abrir as páginas de letras dos artistas

A B C D E F G H I J K L M N O P Q R S T U V W X Y Z

Thig Tri Nithean Gun Iarraidh letra


Thig trì nithean gun iarraidh
An t-eagal, an t-eudach, 's an gaol
'S gur beag a' chùis mhasluidh
Ged ghlacadh leo mis' air a h-aon
'S a liuthad bean uasal
A fhuaradh 'sa chiont an robh mi
A thug a gaol fuadain
Air ro bheagan duaise 'ga cheann

Air faillirinn, illirinn
Uillirinn ho ro 's mi caoidh
'S cruaidh fhortan gun fhios
A chur mise fo chuing do ghaoil

Fhir a dhìreas am bealach
Beir soiridh don ghleannan fo thuath
Is innis do m'leannan
Gur maireann mo ghaol 's gur buan
Fear eile cha ghabh mi
'S chan fhuiling mi idir a luaidh
Gus an dean thu, ghaoil, m'àicheadh
Cha chreid mi o chàch gur fuath

Nam faicinn thu tighinn
Is fios dhomh gur tusa bhiodh ann
Gun éireadh mo chridhe
Mar aiteal na gréin' thar nam beann
'S gun tugainn mo bhriathar
Gach gaoisde tha liath na mo cheann
Gum fàsadh iad buidhe
Mar dhithein am bruthach nan allt

Mur tig thu fhéin tuilleadh
Gur aithne dhomh mhalairt a th'ann
Nach eil mi cho beartach
Ri cailin an achaidh ud thall
Cha tugainn mo mhisneach
Mo ghliocas, 'is grinneas mo làimh
Air buaile crodh ballach
'Is cailin gun iùil 'na ceann

Flora MacNeil - Letras

top 30 músicas

©2003 - 2024 - musicas.mus.br